STEALL
banner
steallmag.bsky.social
STEALL
@steallmag.bsky.social
Iris litreachais Ghàidhlig. A’ brosnachadh sgrìobhadh de gach seòrsa: ficsean, bàrdachd, neo-fhicsean, lèirmheasan.

Sgrìobhadh / beachdan gu: deasaiche.steall@outlook.com

Ceannaich STEALL: https://clar.online/product-category/steall/
Foillsichte le CLÀR.
Siuthadaibh a bhàrdaibh! Tha cothrom an seo air ur cuid dhàn fhoillseachadh.

Agus an do leugh thu leabhar Gàidhlig* bho chionn ghoirid? Tha sinn ag iarraidh do bheachdan a chluinntinn!

*No leabhar mun Ghàidhlig, mun Ghàidhealtachd, no air cuspair eile a bhiodh inntinneach do leughadairean STEALL.
September 2, 2025 at 3:14 PM
Tha sinn fortanach dha-rìribh gur e Rody Gorman an deasaiche bàrdachd ùr a bhios air STEALL.

Tha Rody ag obair mar bhàrd, sgrìobhadair, deasaiche, eadar-theangair agus neach-teagaisg. Chaidh an dreach a chuir e air sgeul Buile Shuibhne, Sweeney: an Intertonguing fhoillseachadh anns a’ Mhàrt 2024.
February 27, 2025 at 11:58 AM
Ùidh agad rudeigin a chur gu STEALL? Seo am fiosrachadh a bhios a dhìth ort!

Tha STEALL ag amas air gach seòrsa litreachais a bhrosnachadh ann an Gàidhlig na h-Alba.

Thèid againn air beagan taic a chur ri sgrìobhadairean ùra le litreachadh is gràmar.
February 18, 2025 at 1:43 PM
📣 GAIRM airson sgrìobhaidhean ùra! 📣

Cuir thugainn pìosan sgrìobhaidh ro 30 GIBLEAN airson cothrom a bhith ann an STEALL 10.

Fios gu: deasaiche.steall@outlook.com
February 14, 2025 at 11:33 AM
Am faca tu AN T-EILEAN fhathast?

Dè do bheachd air mar dhràma Gàidhlig agus an taca ri dràma eucoir eadar-nàiseanta?

’S e a bhiodh math beachdan, goirid agus nas fhaide, fhaicinn anns an ath àireimh de STEALL. 😉🕵️‍♂️
February 11, 2025 at 3:23 PM
Thàinig STEALL 09 a-mach aig deireadh na Dùbhlachd 2024.

Sgeulachdan goirid le Mhàiri Gray, Mathew Lyons, Graham Cooper agus Nathaniel Harrington.

Bàrdachd le Donnchadh MacCàba, Shane Johnstone, agus Maoilios Caimbeul.

Agallamhan, lèirmheasan, agus colbhan...

www.gaelicbooks.org/rannsaich-an...
February 11, 2025 at 3:14 PM