Comann Gàidhlig Ghlaschu
banner
cgaidhligghlaschu.bsky.social
Comann Gàidhlig Ghlaschu
@cgaidhligghlaschu.bsky.social
A’ coinneachadh gus meòrachadh mu dhualchas, litreachas, òrain is eachdraidh nan Gàidheal is na Gàidhealtachd – tro mheadhan na Gàidhlig. Aig Leabharlann Mhitchell, Glaschu & air-loidhne. Clàr-ama: https://comannghlaschu.wordpress.com/
An ath sheachdain: 'Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill (1925-1987): Sgrìobhadair, Riochdaire, Neach-deasachaidh', òraid le @poncarova.bsky.social & @macailpein.bsky.social. Diardaoin 24mh dhan Ghiblein, 6.30f, Leabharlann Mhitchell. Bidh fàilte bhlàth romhaibh uile! comannghlaschu.wordpress.com
April 17, 2025 at 8:28 AM
Tha sinn a' dèanamh fiughair mhòr ri bhith a' cur fàilte bhlàth air bàrd o Ghlaschu, Beth Frieden, an ath sheachdain, Diardaoin 20mh dhan Mhàrt, 6.30f aig Leabharlann Mhitchell. Tha sinn gu mòr an dòchas gun urrainn dhuibh a bhith còmhla ruinn! comannghlaschu.wordpress.com/clar-ama/
March 14, 2025 at 10:40 AM
Tha an ath choinneamh gu bhith againn oidhche Dhiardaoin sa tighinn (13 An Gearran), 6.30f, Leabharlann Mitchell, leis an Dr Michel Byrne, Oilthigh Ghlaschu. Bidh an Dr Byrne a' bruidhinn air a' cheann: "'Co-chruinneach' 1831: Duanaire Peairteach". Bidh fàilte bhlàth oirbh uile!
February 7, 2025 at 10:37 AM
An-dè, rinn Dòmhnall Moireasdan òraid tharraingeach dhan Chomann air Fred MacAmhlaigh mar chraoladair agus mar bhàrd. Bidh an ath choinneamh againn air 13 An Gearran 2025, 6.30f (Leabharlann Mhitchell), le taisbeanadh bho Mhichel Byrne air '"Co-chruinneach" 1831: duanaire Peairteach'.
January 17, 2025 at 10:11 AM
Bidh an ath choinneamh againn oidhche Dhiardaoin (16/1), 6.30f, Leabharlann Mhitchell, le Dòmhnall Moireasdan a' toirt seachad òraid air: 'Fred MacAmhlaigh: an tùsaire craolaidh, an sgoilear agus am bàrd'. Fàilte ro chàch an làithair is air-loidhne (ceangal Teams ri fhaighinn bhon rùinaire).
January 13, 2025 at 9:16 AM
Aiste 7 (2024), deasaichte le Sìm Innes & Sheila M. Kidd, ri fhaighinn air loidhne a-nis aig 👉 clog.glasgow.ac.uk/ojs/index.ph...
December 29, 2024 at 9:19 AM
Rinn Roibeard Ó Maolalaigh @uofglasgow.bsky.social òraid luachmhor a-raoir air 'Ainmean-àite Gàidhlig ann an Carraig Shiorrachd Àir' (le iomraidhean air Tam O' Shanter & maighdeannan-mara eagalach). Bidh an ath choinneamh againn air 16/1/2025, le Dòmhnall Moireasdan & òraid air Fred MacAmhlaigh.
December 13, 2024 at 12:43 PM