Brìghde
banner
bgly0.mastodon.scot.ap.brid.gy
Brìghde
@bgly0.mastodon.scot.ap.brid.gy
Tha #Gàidhlig 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 agam.
Sometimes live-posting on #football #BallCoise in #Gaelic
Bluesky users: I can see you if you follow @ap.brid.gy

For-cheum ann […]

🌉 bridged from https://mastodon.scot/@bgLy0 on the fediverse by https://fed.brid.gy/
*Edit:
'S iad Wilkinson agus Sabajo a chuir a' chiad agus an 2a tadhal. Fhras iad a-steach iad cho luath 's nach tug mi an aire cheart air na h-ainmean 🤦‍♀️
#ballcoise
December 14, 2025 at 6:23 PM

Tha Rangers air an 3as tadhal fhaighinn agus gheibh iad na puingean gu lèir an aghaidh Phartaig Thistle an-diugh.

Làn-ùine RAN 3-0 PAR (79' Berry)

#ballcoise #Gàidhlig
December 14, 2025 at 6:08 PM

Tha coltas gun tèid aig Partaig air dèiligeadh ri Rangers rud beag nas fheàrr anns an leth aca fhèin san 2a leth dhen ghèam ach chan eil iad a' cur ìmpidh air Rangers fhathast.

60' RAN 2-0 PAR

#ballcoise #Gàidhlig
December 14, 2025 at 5:33 PM

Tha an 2a leth air tòiseachadh agus bidh boireannaich Rangers a feuchainn ris an treas tadhal fhaighinn. Bha Partaig caran fortanach sa 1d leth 's nach d'fhuar Rangers breab-pheanais airson ball-làimhe. Aig innse na fìrinne ge-tà cha robh e follaiseach sa bhad - gun VAR - an deach am ball a […]
Original post on mastodon.scot
mastodon.scot
December 14, 2025 at 5:23 PM

Tha an gèam air socrachadh beagan ach tha a' mhòr-chuid dhen bhall fhathast aig Rangers, mu thrì uiread 's a tha aig Partaig. Chùm Partaig am ball a-mach às an lìon ge-tà bhon 7mh mionaid.

Leth-ùine RAN 2-0 PAR

#ballcoise #Gàidhlig
December 14, 2025 at 5:04 PM
📚 The 5th novel of the Nigel Strangeways series, "The smiler with the knife" (1939) Is incredible. Read it! Especially the first half is frightening as the similarities to today's populism are painfully close.
Good plot, only the latter stages of the flight seemed a bit too sensational.
Not many […]
Original post on mastodon.scot
mastodon.scot
December 3, 2025 at 4:39 PM

Uill, abair gèam a bha seo 😅 Mealla naidheachd air sgioba na h-Alba agus Steve Clarke! 👏
Rinn iad e, chluichd iad chun an diog mu dheireadh agus thèid iad gu cuach na cruinne an ath bhliadhna. Tha cothrom aig an Dànmharg fhathast tro na play-offs.

Làn-ùine🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 SCO 4-2 DEN 🇩🇰

Oidhche mhath […]
Original post on mastodon.scot
mastodon.scot
November 18, 2025 at 10:04 PM

⬆️
MacLean a' cur a' bhuill a-staigh. Dèanta.

90+8'🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 SCO 4-2 DEN 🇩🇰 MacLean

#ballcoise #Gàidhlig
November 18, 2025 at 9:51 PM

Gèam gun chiall...

90+3'🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 SCO 3-2 DEN 🇩🇰 Tierney

#ballcoise #Gàidhlig
November 18, 2025 at 9:44 PM

Chuir Alba an Dànmharg fo chuideam anns na mionaidean mu dheireadh agus bha iad air tadhal fhaighinn agus an cur air thoiseach. Ach cha do mhair e fada agus tha an Dànmharg air ais co-ionnan.

82'🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 SCO 2-2 DEN 🇩🇰

#ballcoise #Gàidhlig
November 18, 2025 at 9:34 PM

Chaidh an Dànmharg co-ionnan le breab-pheanais às dèidh ionnsaigh Robertson aig oir a' bhogsa. bha an leas-rèidire bhidio dhen bheachd gur ann anns a' bhogsa a thachair e. Chan eil mi ro chinnteach mu dheidhinn ach airson an fhìrinn innse bha an Dànmharg airidh air tadhal às dèidh mar a […]
Original post on mastodon.scot
mastodon.scot
November 18, 2025 at 9:11 PM

Chan eil fhios agam ciamar a ràinig sgioba na h-Alba leth-ùine agus iadsan air thoiseach fhathast! Thug an Dànmhar torr ionnsaighean orra anns an leth uair a thìde mu dheireadh ach chaidh aig Alba air an tadhal fhèin a dhìon dòigh air choireigin. Cha bhi an 2a leth furasta dhaibh agus feumaidh […]
Original post on mastodon.scot
mastodon.scot
November 18, 2025 at 8:48 PM

Bha am ball san lìon air taobh eile na pàirce ach air sgàth droch ionnsaigh cha do sheas an tadhal.
Tha e a' sealltainn ge-tà dè cho cunnartach a tha sgioba na Dànmharg agus gur e oidhche fhada romhainn fhathast.

23' 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 SCO 1-0 DEN 🇩🇰

#ballcoise #Gàidhlig
November 18, 2025 at 8:15 PM

Tha na Dànaich air barrachd fhaighinn dhen bhall anns na còig mionaidean mu dheireadh agus thug iad ionnsaighean cunnartach air tadhal na h-Alba.
Agus a-nis feumaidh Clarke atharrachadh a dhèanamh nas tràithe na dh'iarradh e: chaidh Gannon-Doak a ghoirteachadh agus tha McLean a' tighinn na […]
Original post on mastodon.scot
mastodon.scot
November 18, 2025 at 8:11 PM

Tha an gèam dìreach air tòiseachadh agus tha an ball ann an lìon mar-thà. Seo an tadhal tràth a bha sgioba na h-Alba ag iarraidh.

3' 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 SCO 1-0 DEN 🇩🇰 McTominay

#ballcoise #Gàidhlig
November 18, 2025 at 7:56 PM

Tha na laoidhean nàiseanta air an seinn agus an gèam air tòiseachadh. Ged a stad a' phìob às dèidh a' chiad rann ach cha ro an t-arm Tartain deiseil fhathast agus bha iad a' seinn an 2a rainn leatha fhèin.

🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 🎵

#ballcoise #Gàidhlig
November 18, 2025 at 7:52 PM

Às dèidh dhaibh a dhol air dheireadh ro leth-ùine thill Hearts san dàrna leth. Bha coltas nas misneachail orra an uair a chaidh iad co-ionnan agus thionndaich iadh an gèam mun cuairt. Cha robh pasaichean Hibs cuimseach gu leòr san dàrna leth agus rinn iad cus mhearachdan.

Tha Hearts airidh […]
Original post on mastodon.scot
mastodon.scot
November 16, 2025 at 6:19 PM

An dàrna tadhal bho Johns an-diugh às dèidh mearachd le Hibs aig meadhan na pàirce.

70' HIB 1-3 HEA

#ballcoise #Gàidhlig
November 16, 2025 at 5:45 PM

Tha Hearts a' tionndadh a' ghèam mun cuairt agus tha iad air thoiseach. Tadhal bho Hutchison

62' HIB 1-2 HEA

#ballcoise #Gàidhlig
November 16, 2025 at 5:37 PM

Tha Hearts air cuideam a chur air Hibs anns na mionaidean mu dheireadh agus thug Johns iad co-ionnan.

58' HIB 1-1 HEA

#ballcoise #Gàidhlig
November 16, 2025 at 5:33 PM

Bha coltas nas treasa air Hibs aig toiseach a' ghèam, ach dh'fhàs Hearts nas làidire thairis air a' chiad leth. Chaidh Hibs air thoiseach dìreach ro leth-ùine.

Leth-ùine HIB 1-0 HEA

#ballcoise #Gàidhlig
November 16, 2025 at 5:11 PM

Anns an ùine a bharrachd dhen chiad leth tha Notley air a' chiad tadhal a chur do Hibs às dèidh pas àrd bho Hunter. Tadhal snog!

45+2' HIB 1-0 HEA

#ballcoise #Gàidhlig
November 16, 2025 at 5:05 PM

Tha barrachd fiosrachaidh air na sgiobaidhean agus air a' ghèam ri fhaighinn air làrach-lìn SWPL
https://swpl.uk/match-centre/match-details/7kfbteszvaztll3v51jauwic/

#ballcoise #Gàidhlig
Scottish Women's Premier League
swpl.uk
November 16, 2025 at 4:08 PM